Report Summary
Tha dreuchdan agus dleastanasan Ùghdarras Poileas na h-Alba (an t-Ùghdarras)
agus Poileas Alba a thaobh planadh ro-innleachdail air am mìneachadh ann an Achd
Ath-leasachadh Poilis is Smàlaidh (Alba) 2012 aig Earrannan 34 agus 35.
Fon Achd, tha uallach air an Ùghdarras airson Plana Ro-innleachdail Poilis a
dheasachadh agus tha Àrd-Chonstabal Poileas Alba an sàs ann a bhith ga
dheasachadh.
Tha co-chòrdadh an stiùiridh ro-innleachdail, agus prìomhachasan airson obair
phoilis, planadh agus measadh dèanadais air a mhìneachadh sa Phlana seo.
Feumaidh am Plana Ro-innleachdail Poilis airson Alba seo cead ministreil mus tèid
fhoillseachadh agus a chur fa chomhair na Pàrlamaid.